Poca sìl an t-sealgair / Nuair a bha mi 'n Cùil a' bhealaich
Lyrics:
Sèist
Eadaraibh a hù lì, eadaraibh a hù lì,
Eadaraibh a hù lì, poca sìl an t-sealgair,
Eadaraibh a hù lì, eadaraibh a hù lì,
Eadaraibh a hù lì, poca sìl an t-sealgair.
Am poc' a bh' air, am poc' a bh' air, am poc' a bh' air, 's a' falbh leis,

Eadaraibh o h-ùinn ò, poca sìl an t-sealgair.
Chunnacas a' tighinn e, 's chan fhacas a' falbh e,

Eadaraibh a hù lì, chan fhacas a' falbh e.
B' fhoghainneach i, beadarrach i, b' aigeannach an t-seana bhean,

Eadaraibh a hù lì, b' aigeannach an t-seana bhean.
Nuair a bha mi 'n cùl a' bhealaich, b' aigeannach mo lòn ann,

Ged tha mi an-diugh aig Iain Dubh, Mac Iain 'ic Aoidh 'ic Dhòmhnaill.
Ged tha mi an-diugh aig Iain Dubh, Mac Iain 'ic Aoidh 'ic Dhòmhnaill

Nuair a bha mi 'n cùl a' bhealaich, b' aigeannach mo lòn ann.
Nuair bha mi ga mo chosnadh, 's olc am fear nach pòsainn,
Nuair bha mi ga mo chosnadh, 's olc am fear nach pòsainn,
Nuair bha mi ga mo chosnadh, 's olc am fear nach pòsainn,
Ged tha mi an-diugh aig Iain Dubh, Mac Iain 'ic Aoidh 'ic Dhòmhnaill.
Ged tha mi an-diugh aig Iain Dubh, Mac Iain 'ic Aoidh 'ic Dhòmhnaill
Ged tha mi an-diugh aig Iain Dubh, Mac Iain 'ic Aoidh 'ic Dhòmhnaill
Ged tha mi an-diugh aig Iain Dubh, Mac Iain 'ic Aoidh 'ic Dhòmhnaill
Nuair bha mi ga mo chosnadh, 's olc am fear nach pòsainn.