Back

Port na Caillich

Lyrics:

Nuair thèid mi chun na fèill
Bidh a' chailleach às mo dhèidh,
Casadaich am beul a clèibh
'S fheudar dhomh bhith suidhe rithe.

Sèist

'S fheudar dhomh bhith suidhe, suidhe,
'S fheudar dhomh bhith suidhe rithe.
'S fheudar dhomh bhith suidhe, suidhe,
'S fheudar dhomh bhith suidhe rithe.

Thig mi dhachaigh on bhuain:
Bhithinn gu h-airtnealach fuar.
Gheibhinn dhan a' phròs fhuar
Làn na coise-duibhe dheth.

Thiginn dhachaigh on chrann:
Bhithinn gu h-airtnealach fann.
Chithinn an rud nach biodh ann -
Samhla 's i na suidhe rium.

Thiginn dhachaigh on nì:
Bhithinn gu h-airtnealach sgìth.
Dheighinn a laighe leam fhìn,
'S shìn i cnàmhan dubha rium.

Mìle beannachd aig gill' òg
A phòsadh cailleach dha dheòin:
A dh'aindeoin airgead no òr
Leòn a cnàmhan dubha mi.

Mìle beannachd aig an eug:
'S iomadh fear dhan d' rinn e feum.
Thug e leis mo chailleach fhèin
'S èibhinn leam gun d' shiubhail i.