Back

Ri Guaillibh a Chèile

Lyrics:

Sèist

Clanna nan Gàidheal ri guaillibh a chèile
Faicibh a' tighinn iad 's faram nan ceuman;
Bratach na Gàidhlig tha nis air a sgaoileadh,
Clanna nan Gàidheal ri guaillibh a chèile.

Anns na linntean a dh'fhalbh le gnìomhachas treun,
Am briathran neo-mhearachdach innsear an sgeul,
Choisinn Clanna nan Gàidheal urram is cliù
Ri guaillibh a chèile a' gluasad gu dlùth.

Chaidh òrdugh Rìgh Sheumais a-mach anns an tìr,
An cànain 's an dùthchas a bhristeadh a sìos;
Ach sheas iad gu dìleas, is glèidh iad gu slàn
An còirichean dùthchail an aghaidh gach nàmh.

Tha cunnartan fhathast a' bagradh gu teann
Ar dùthchas 's ar cànain a chur bun os cionn;
Tha Ghàidhlig a' gearan 's ag èigheach gu cruaidh
Gu bheil cànain a' choigrich a' faotainn na buaidh.

A Chlanna nan Gàidheal gabhaibh earal san àm -
Bithibh dìleas d' ur dùthaich, d' ur cànain 's d' ur dream;
O glèidhibh an dìleab a thugadh dhuibh slàn,
Is deagh-chliù ur n-athraichean leanaibh a ghnàth.