Back

Ruidhleadh Cailleach Eachainn Mhòr / Somhairle agus Màiri Bhàn

Lyrics:

Sèist

Ruidhleadh cailleach Eachainn Mhòir agus sheatadh Seònaid!,
Ruidhleadh cailleach Eachainn Mhòir agus sheatadh Seònaid!
Thuirt a' chailleach bha gu h-àrd ris a' chaillich air an làr,
"'S math a dhannsainn Jack a Tar ann an làithean m' òige."

Ruidhleadh cailleach Ceann na Coille, dhannsadh i mar chaillich eile,
Tha mo ladhran air am milleadh, chuir iad teine mòin' orr',
Ruidhleadh cailleach an Taigh Bhàin, gheàrr i figear air a sàil,
Bhuail i sgailleagan le làimh, "Suas e ghràidh," thuirt Seònaid.

Ruidhleadh cailleach Iain 'ic Dhùghaill, gùn oirre san fhasan ùr,
Ruith is leum is comh'r a cùil, 's cha do lùb i òrdag,
Ruidhleadh cailleach Taigh an Dùin, 's iomadh fear a ghabh a sùil,
Fichead clach ma bha i ùnns', 's cho sùbailte ri feòrag.

Sèist

Hì hò Somhairle, hò hò Somhairle,
Hì hò Somhairle, Somhairle agus Màiri bhàn.
Hì hò Somhairle, hò hò Somhairle,
Hì hò Somhairle, Somhairle agus Màiri bhàn.

Somhairle cho meanmnach, aighearach is earbsach,
Bidh e moch is anmoch a' seanchas ri Màiri Bhàn.

Gheibh sinn air an t-Samhain seo banais a bhios ainmeil,
Ach thigeadh Iain Ailein is 's ann aige-san bhios Màiri Bhàn.