'S Daor a Cheannaich Mi 'n t-Iasgach
Lyrics:
S daor a cheannaich mi an t-iasgach
Seo a' bhliadhna chuir às dhomh
'S daor a cheannaich mi 'n stòp
A bh' air a' bhòrd an Taigh Chladaich.
Chaill mi snàmhaich a' chaolais
'S tu nach glaodhadh an t-aiseag,
Agus coisiche beinne
Nach bu deireadh air feachd thu.
'S ann aig Stac Beul an Àthain
A bhàthadh an gaisgeach;
Siud a' bheairt nach do shaoil
Air an t-saoghal seo thachradh.
Gun rachadh do bhàthadh
Gu bràth gun chuan farsaing,
No gun rachadh do mhilleadh
'S do chuid ghillean thighinn dhachaigh.
'S tha do bhreacan ùr uasal
Ann an ùrlar an aigeil,
'S tha do lèine chaol bhòidheach
Aig na rònaibh ga sracadh.
Tha do ghàrtanan rìomhach
Air ìnean nam partan,
'S tha d' fhaltan donn dualach
Na chuachaibh 's na phreasaibh.
Tha ruith nan tonn uaine
Mu bhruaichean do leapa;
Tha d' fhidheall gun ghleusadh
'S tha na teudan air glasadh.
Tha do thaigh mòr gun tughadh
'S e 's dubhach liom d' aitreabh.
Tha do phiuthar gun bhràthair
'S tha do mhàthair gun mhacan.
Tha do bhean òg gun chèile
'S tha mi fhìn dheth gun dalta.
'S daor a cheannaich mi an t-iasgach
Seo a' bhliadhna chuir às dhomh.