'S Mòr mo Chùram 's mi ga Stiùireadh
Lyrics:
S mòr mo chùram 's mi ga stiùireadh
'S i long mhòr nan trì chruinn ùr i
'S ged is taitneach leam a cùrsa
B' annsa bhith sùgradh rim chiad-ghaol
'S mòr mo chùram 's mi ga stiùireadh.
Tha mi nochd a' dol a sheòladh
'S beag mo shunnd ri gabhail òrain
'N fhairge domhain 's a' ghaoth còmhl' ris
Stròiceadh nan seòl às a chèile
'S mòr mo chùram 's mi ga stiùireadh.
Gur e mise tha gu brònach
Moch sa mhadainn dèanamh òran
Fuaim nan tonn an dèidh mo leònadh
'S olc an ceòl a bhith gan èisteachd
'S mòr mo chùram 's mi ga stiùireadh.
Ma tha thu smaoineachadh a Mhàiri
Gur ann gad mhealladh a bha mi
'S mi nach earbadh tu rim bhràthair
Ged 's e mac mo mhàthair fhèin e
'S mòr mo chùram 's mi ga stiùireadh.
Shil is shèid is dh'at an fhairge
Bha i falbh cho luath ri earba
Bhrist a 'centre-bit' na sgealban
Stiùir no failm cha dèanadh feum dhi
'S mòr mo chùram 's mi ga stiùireadh.
'S ma 's e fear thu thèid a dh'Ìle
Nì mi litir bhàn a' sgrìobhadh
Dh'ionnsaigh maltag nan sùil mìogach
B' òg a thug mi fhèin mo spèis dhi
'S mòr mo chùram 's mi ga stiùireadh.