Back
'S Toigh Leam Cruinneag Dhonn Nam Bò
Lyrics:
Sèist
'S toigh leam cruinneag dhonn nam bò,
Shiùbhlainn leat tro choille nan cnò.
'S toigh leam cruinneag dhonn nam bò.
'S toigh leam cruinneag dhonn na h-àirigh
Dhan tug mi mo ghràdh 's mi òg.
'S toigh leam cruinneag dhonn na h-àirigh
'S e do ghràdh a rinn mo leòn.
'S toigh leam banarach na buaile
Buain an fhraoich gu dath a' chlò.
'S toigh leam banarach na buaile
Aig a bheil dà ghruaidh mar ròs.
'S toigh leam banarach a' ghlinne
Chuireadh air mhire laoigh òg'.
Shiùbhlainn leat tro choill' a' bharraich
Ged bhiodh càch a' fanaid oirnn.
Shiùbhlainn leat tro choill' an anmoich
Ged bhiodh càch a' seanchas oirnn.
Ri cur a' chrodh-laoigh don innis,
Dh'aithnichinn a' tighinn do cheòl.