Back
'S Tu Mo Rùn
Lyrics:
Sèist
'S tu mo rùn a mhaighdeann chiùin,
'S tu mo rùn-sa thar gach cailin,
'S tu mo rùn a mhaighdeann chiùin,
'S e mo dhùrachd thu bhith mar rium.
'S caoine leamsa dreach do ghnùis,
'S modhail thu an cùirt nan gallan,
Mar an àirneag moch fo dhrùchd,
Tha do shùilean ciùine, meallach.
B' e mo mhiann a bhith riut dlùth,
Grian air chùl is drùchd a' laighe,
Cuach ag goirsinn air an stùc,
S duilleach ùr a' lùbadh tharainn.
'S cinnteach mi mun tig bliadhn' ùr,
Mas a dùth dhuinn a bhith maireann,
Thèid an t-snaim an ceangal dlùth,
'S còir le cliù air rùn nan cailin.