Back
Seo an Gaol Mar Mheud na Mara
Lyrics:
Seo an gaol! mar mheud na mara,
Coibhneas gràidh mar dhìle mòr,
Nuair dhòirt Prionns' na beath', ar n' èirig,
A fhuil rìoghail air ar tòir.
Cò nach meòraich air a ghràdh-san?
Cò nach mol 's nach seinn a chliù?
Chan fheum sinne chuir à cuimhne
Troimh bhith-bhuantachd nèamh ar dùil.
Air an t-sliabh ud - àit' A cheusaidh
Dh'fhosgail fuarain mhòra, làn,
'S troimh thuil-dhorsan àrd A thròcair
Thaom a-mach muir-làn A ghràis.
Gràdh is gràs mar thuiltean mòra
Ruith gun sguir a-mach bho 'n àird',
Phògadh sìth is ceartas nèamhaidh
Saoghal ciontach - le mòr ghràdh.