Back

Tàladh Choinnich Òig

Lyrics:

Sèist

Fail iù, fail eò, hi ù ho rò
Fail iù, fail eò, hillinn o ho
Ho hi ho rò, ho hi ibh ò.

A Mhac Coinnich, na biodh gruaim ort
Cha do ghlac do mhàthair buarach
No plaide bhàn air a h-uachdar
Ach sìoda dearg is stròl uaine.

A Mhac Coinnich mhòir à Brathann
Mhic an t-seòid nach fhuiligeadh masladh
Cheannaicheadh tu fìon dha t' eachaibh
'S crùidhean dhan òr a chur fon casan.

Chan eil an Coinneach òg ach leanabh
Cha do ràinig e aois a sheanar.
Marbhaiche 'n fhèidh air na beannaibh
Is coillich dhuibh air bàrr nam meangan.