Back
Tàladh Dhòmhnaill Ghuirm
Lyrics:
Nàili bho hò hì
Nàili bho hò hì
A' ghrian 's i 'g èirigh
O nàili bhò hò
A' ghrian 's i 'g èirigh
O nàili bho hò hì
'S i gun smal oirre
O nàili bhò hò
'S i gun smal oirre
O nàili bho hò hì
Na air na reultan
O nàili bhò hò
Nuair thèid mac mo righ-sa
Fo làn èideadh
Gu robh neart na cruinne leat
'S neart na grèine
Neart an tairbh dhuibh
'S àirde leumas.
O nàili bho hò hì
Nàili bho hò hì
Dh'fhaighneachd a' bhean ò ud
Dhan mhnaoi eile ò
Na dè 'n long ud
Staigh san eithire
Gu robh don t-fhaighneachd
Tha long Dhòmhnaill
Trì chruinn sheilich innt'
Gu bheil stiùir òir oirr'
Gu bheil tobar fìon innt'
Agus tobar fìor uisg
Shìos san deireadh innt'
O nàili bho hò hì
Nàili bho hò hì
Nàil leams gura nàili bho hò
Nàil leams gur e nàili
Nàili bho hò hì.