Tha Biodag aig MacThòmais / Ruidhleadh Cailleach Sheatadh Cailleach
Lyrics:
Tha biodag aig MacThòmais
Tha biodag fada mòr air
Tha biodag aig MacThòmais
'S gur ro-math dh'fhònadh sgian dha (dà thuras)
Tha biodag air a' gliogadaich
Os cionn bann na briogaise
'S nam faiceadh sibh mar thigeadh e
Gur ro-mhath dh'fhònadh sgian dà (dà thuras)
Tha bucallan na bhrògan
Tha bucallan na bhrògan
Tha bucallan na bhrògan
'S gur ro-mhath dh'fhònadh iallan (dà thuras)
Tha crios de leathar bròg air
Tha crios de leathar bròg air
Tha crios de leathar bròg air
'S gur ro-mhath dh'fhònadh siaman (dà thuras)
Tha biodag aig MacThòmais
Than biodag fada mòr air
Tha biodag aig MacThòmais
'S gur ro-math dh'fhònadh sgian dà (dà thuras)
Ruidhleadh cailleach nan cailleach
Ri cailleach Bhaile nan Cailleach
'S gu seatadh a' chailleach Hearach
Ris a' chaillich a bh' air falbh (dà thuras)
Ruidhleadh cailleach, sheatadh cailleach
Ruidhleadh cailleach ris a' bhalg
Sheatadh cailleach Uilleam Buidhe
Ris a' bhuidheann a bh' air falbh (dà thuras)
Ruidhleadh cailleach Iain Bhuidhe
Ris an uidheam a bh' aig Uilleim
'S nuair thug Annag dhith a currac
B' fheudar do dh'Iain Curaidh falbh (dà thuras)
Ruidhleadh cailleach, sheatadh cailleach
Ruidhleadh cailleach ris a' bhalg
Sheatadh cailleach Uilleam Buidhe
Ris a' bhuidheann a bh' air falbh (dà thuras)
Ruidhleadh cailleach nan cailleach
Ri cailleach Bhaile nan Cailleach
'S gu seatadh a' chailleach Hearach
Ris a' chaillich a bh' air falbh (dà thuras)
Ruidhleadh cailleach, sheatadh cailleach
Ruidhleadh cailleach ris a' bhalg
Sheatadh cailleach Uilleam Buidhe
Ris a' bhuidheann a bh' air falbh (dà thuras)