Back
Thoir Mo Shoraidh Thar Ghunaidh
Lyrics:
Sèist
Hug òrann o-rò hù-bha hò,
Mo nighean donn bhòidheach.
Hug òrann ò-ro hù-bha hò.
Thoir mo shoraidh thar Ghunaidh
Gu Muile nam mòr-bheann.
Far an cluinnear a' chuthag
Air gach bruthach ro Bhealltainn.
Chì mi 'm bàta 's i tighinn
Is Iain ga seòladh.
Stiùir dìreach i Iain
Cùm tioram i Dhòmhnaill.
'S i an ciste chaoil chumhaing
Air a dùnadh 's a gròbadh.
'S truagh nach robh mi san fhiabhras
Mun do chuir mi riamh eòlas.