Back

Toirt M' aghaidh ri Diùra

Lyrics:

Sèist

O hiùraibh ì hiùraibh,
O hiùraibh ò gheallaidh,
Bheir mi hò na hò èile,
'S e bhith rèidh riut bu mhath leam.

Toirt m' aghaidh ri Diùra
'S mo chùl ri Port Ascaig,
Shil gu frasach mo shùilean,
'S gun mo dhùil ri tighinn dhachaigh.

Nuair chuir iad air bòrd thu
Air long nan trì chrannaibh,
'S iomadh tè bha gu tùrsach,
'S deòir a' sruthadh gu talamh.

Cha chreidinn o chàch e
Thu bhith fàgail a' bhaile,
Gus an robh na siùil bhàna
Gan càradh ri crannaibh.

Bu tu leannan nan gruagach,
'S tu uasal is maiseach,
Gruaidhean meachair mar mhaighdeann,
Sùil an t-saighdeir fod mhalaidh.

Tha thu foghainteach làidir,
Tha thu tàbhachdach smearail,
Dol an èideadh a' Ghàidheil,
Air an tràigh bu tu 'm meangan.

Gaol peathar, gaol bràthar,
Gaol màthar, is athar,
An gaol a thug mi cha trèig mi
Gus an tèid mi san anart.