Back
Tuireadh Àird Ghobhair
Lyrics:
Thàinig thar chuain 's bu chruaidh a' ghuileag,
An sgeul a ghluais gach sluagh gu mulad.
Le cridheachan leòint' is deòir a' sruthadh,
'S e adhbhar ar bròin nach beò Àird Ghobhar.
B' e 'n saighdear, deas, calm fo armachd sgoinneil,
An cogadh na Gearmailt dhearbh gu duineil,
Nach tilleadh le fiamh ro sgian no gunna,
'S e dh'fhàg sinn fo leòn nach beò Àird Ghobhar.
Gu ceanalta stuam' bha ghluasad beannaicht'
Is feabhas an t-sluaigh gach uair air aire,
Bha toradh is buaidh gu buan na bheatha,
'S e dh'fhàg sinn fo leòn nach beò Àird Ghobhar.
Ged tha sinn an tràth seo cràiteach, duilich,
Nach lìonar gu bràth a' bheàrn tha falamh,
Chan eil sinn ri bròn gun dòchas againn
An cùirtibh na Glòir gur beò Àird Ghobhar.