Back

Tuireadh Iain Ruaidh

Lyrics:

Sèist

Thug thu dhìoms' a' ghrian 's an speur,
Faill ill ò hug ò ro è,
Spìon thu asam mùirn mo chlèibh,
Faill ill ò hug ò ro èile.

Gheall mo ghràdh dhomh sìoda is sròl,
Còmhdach rìomhach is seudan òir,
Gheall e mire is blastachd beòil,
Is caithream chlàr a dhùisgeas òrain.

Fuar a chrè air rèidh a' bhlàir,
Fàth mo bhròin is cùis mo chràidh,
Dìomhain deòir a' ruith chun làir,
Dìomhain cridhe nach diùltadh annsachd.

Cò om faigh mi biadh air bòrd,
Thrèig mo shòlas, is m' àilleachd neòil,
Thrèig mo stiùir, mo ràmh, mo sheòl,
Dh'imich saoidh nan dualan òr-bhuidhe.

Dìobradh damh a mhang san fhrìth,
Dìobradh eala a h-ealag fhìn,
Dìobradh màthair rùn a cridhe
'S mi gun dàimh, gun ghaol, gun dìonadh.