Turas Dhòmhsa Chun na Galldachd
Lyrics:
Sèist
Hì liù hò ill ò
Hògaibh ò, mo ghaol a' chruinneag
Hì liù hò ill ò.
'S ann a dh'fhaighneachd dhìom mo bhràthair
Ca' na dh'fhàg thu 'n fhichead guinea?
Innsidh mi sin dhut an-dràsta
Ca' na dh'fhàg mi h-uile sgillinn.
Thug mi guinea air a' bhàta
Thug mi sàbhailt' à Caol Mhuile.
Guinea eile 'n Dotair Stiùbhart
Air eagal mo chliù a mhilleadh.
Thug mi tacan falbh na sràidean
Le tè bhàn na gruaige duinne.
Cheannaich mi dhith gùn dhan t-sìoda
'S na phrìneachan bha ga chumail.
Cheannaich mi dhith brògan àrda
Gus a sàilean chumail tioram.
Cheannaich mi each 's cha b'e dhiù e
Dh'aindeoin trùp a bh'aig Righ Uilleam.
Thug mi còrr 's dà ghuinea dheug air
'S cha b'e fhiach e ach an tuilleadh.
Bha e còrr is leth-cheud bliadhna
'S chumadh e ri fiadh a' mhonaidh.
Cheannaich mi srian is dìollaid
A bha crìonadh ann an uinneig.
Cheannaich mi sin 's spuirean 's brògan
'S cha robh gròt aig Dòmhnall tuilleadh.