Ubhi Abhi / Mac A' Phì
Lyrics:
Ùbhi àbhi, ùbhi àbhi, air do shlàinte Mhàiri 'n
Dotair,
Ùbhi àbhi, ùbhi àbhi, siud ort fhèin a Mhàiri.
Dannsadh air na staidhrichean, aig banais rìomhach Màiri
'n Dotair;
Dannsadh air na staidhrichean aig banais rìomhach Màiri.
Bidh an t-òr a' gliongartaich aig banais rìomhach Màiri 'n
Dotair;
Bidh an t-òr a' gliongartaich aig banais rìomhach Màiri.
Mac a' Phì cnag-shùileach, Ceann Loch a' Feòrain,
Mac a' Phì cnag-shùileach, Ceann Loch a' Feòrain,
Mac a' Phì cnag-shùileach, Ceann Loch a' Feòrain,
Goididh e na gobhair a th' air teadhair air a' mhòintich.
Stad a' Mhàiri bhanarach gus an gabh mi an t-òran,
Stad a' Mhàiri bhanarach gus an gabh mi an t-òran,
Stad a' Mhàiri bhanarach gus an gabh mi an t-òran,
Chan fhaod mi, chan fhaod mi 's na laoigh a' dol don
eòrna.