Back

Uibhist mo Ghràidh

Lyrics:

O seinnidh mi dàn do eilean mo ghràidh
Far an d' fhuair mi m' àrach nuair bha mi nam phàist',
Far am bi mo chridhe gu deireadh mo latha,
Ann an Eilean Uibhist an eòrna.

Ged 's fhada bhon dh'fhàg mi eilean mo ghràidh
'S a thàinig mi Ghlaschu 's a rinn mi ann tàmh,
Tha machraichean Uibhist nam chuimhne a ghnàth
A' cumail mo chridhe gach latha rium.

Ach fàgaidh mi baile na cabhaig 's nan sràid,
Is cuiridh mi m' aghaidh air monadh is sàil,
Is gabhaidh mi 'n t-aiseag à Mallaig gun dàil
Gu Uibhist mo ghràidh is m' eòlais.