Back

Ùrnaigh Naomh Francis

Lyrics:

A Thighearna, dèan mise nam theachdaire sìth;
Fuath biodh as m' aonais, biodh gaol na mo chridh';
Far an tachair an ciùrradh, biodh mathanas saor;
Is far am bi teagamh, biodh creideamh is gaol;
Far faighear eu-dòchas, biodh dòchas nas fheàrr;
Far faighear an duibhre, biodh soillse nan gràs;
An àite bhi brònach, biodh sòlas is àgh;
'S biodh Tighearna na glòrach an còmhnaidh nar pàirt.

A Mhaighstir Dhiadhaidh, O deònaich nad ghràdh
Nach iarr mi bhith socrach 's an-shocair aig càch;
Nach seall mi mo thuigs' ach bhith tuigseach mi fhìn
Nach iarr mi gaol chàich ach gun gràdhaich mi Sibh;
Oir 's ann ann an tabhartas gheibh sinn gun dìth,
'S mu thairgeas sinn mathanas, mathar dhuinn fhìn,
'S cha bhàs dhuinn a th' ann ged a stampar an ùir
Ach aiseirigh ghlòrmhor gu beò-bhith as ùr.