Back

Òran na Maighdinn-mhara

Lyrics:

Sèist

Hùbha is na hoireann hùbha,
Hùbha is na hoireann hì,
Hùbha is na hoireann hùbha,
'S ann le foill a mheall thu mi.

A-mach air bhàrr nan stuadh ri gaillinn,
Fuachd is feannadh fad o thìr,
Bha mo ghaol dhut daonnan fallain
Ged is maighdeann-mhara mi.

Chan eil mo chadal-sa ach luaineach
Nuair tha buaireas air an t-sìde;
Bha mi raoir an Coire Bhreacain,
Bidh mi nochd an Eilean I.

Seall is faic an grunnd na fairge
Uaimhean airgid 's òir gun dìth;
Lainnearachd 's chan fhaca sùil e
Ann an cùirt no lùchairt rìgh.