Back

Ailean Dubh às Lòchaidh

Lyrics:

Sèist

'S toil leam Ailean Dubh às Lòchaidh,
Mo ghaol Ailean Donn a' chòta;
'S toil leam Ailean Dubh às Lòchaidh.

Ailein, Ailein, 's àit leam beò thu.

Sguab thu mo sprèidh bhàrr na mòintich.

Loisg thu m' iodhlann chorca is eòrna.

Mharbh thu mo thriùir bhràithrean òga.

Mharbh thu m' athair is m' fhear pòsta.

'S ged a rinn thu siud 's àit leam beò thu.

(Gabh an t-sèist às dèidh gach sreath)