A Dhòmhnaill a' Ghrògain
Lyrics:
A Dhòmhnall a' Ghrògain gur gòrach leam tha thu d' bheachd,
Nuair a chaidh thu sheòladh le òinnseach nach dèanadh car dhut,
I cho sean ri Nòah is còinneach a' tighinn ga beul,
'S ged a gheibhinn Sòdhaigh chan fhanainn còmhl' riut air deac.
Sèist
Hì laithill o ho rò
Hì liù hì leò
Hì laithill o ho rò
'S coma leam bhon tàini' tu.
Thug thu leat an t-iasgair bu chiataiche a bh' ann am Barraigh,
Shrac thu air a' lion nach robh 'g iasgach ach greis as t-earrach,
Thèid do chuir am prìosan, a chiall 's gura math an airidh,
'S ann a bha na h-iarain a chumadh ìomhaigh air dealg.
Bha Hesparus gad iarraidh on Rubha Liath gu Canaigh,
Às a sin dhan iar-dheas a-mach gu crìochan Cheann Bharraigh,
'S truagh nach deach do chriathradh, a' bhiast, mun do dh'fhàg thu Mallaig,
'S ma thèid thu dhan t-siorrachd, bidh t' èalaidh air fheadh na mara.
'S ann ort a bha 'n còmhdach, a Dhòmhnaill, an àm na gailionn,
Ged bha là reòthte ann cha bu choir dhut a bhith nad fhallas,
Oillsgean air a stròiceadh 's an còrr dhith aig Toll a' Ghallaidh
'S coltach thu ri bòcan, a Dhòmhnaill, 's e fad do sheallaidh!