Back

Air a' Ghille Tha Mo Rùn

Lyrics:

Sèist

Air a' ghille tha mo rùn
Tha mo rùn air a' ghille,
Bhon a thug thu rium do chùl
B' e mo dhùrachd thu thilleadh.

'S ann a fhuair thu d' àrach òg,
'N Apainn bhòidheach nan gillean;
'S beag an t-iongn' thu dh'èirigh suas,
Ann an uaisle 's an grinneas.

'S meanglan thu den chraoibh nach lùb,
Gur tu fiùran do chinnich,
Leathanaich nach lùb san streup,
'S chan eil beum air a' ghille.

Falt do chinn tha dualach, dlùth
D' anail chùbhraidh ro mhilis,
Dà shùil mheallach, chorrach, chiùin,
'S tu mo rùn de na gillean.

'S ann am Muile nam beann fuar,
Tha mo luaidh de na gillean,
Dh'aithnichinn thu am measg an t-sluaigh,
Le na h-uaislean a' tighinn.