Back
Air Failinn Èilinn Oro U
Lyrics:
Sèist
Air failinn èilinn oro u
Hi ri liu nam b' fhearr leat mi
Air failinn èilinn oro u.
M' eudail air do shùilean donna
'S dorainneach a dh'fhàg thu mi.
'S mis' a dh'aithnicheadh air do shùil
Gur ann à Ùig a thàinig thu.
Fàileadh a' bhuntat' ròst'
Am pòcaid balaich Chàrlabhaigh.
M' eudail ort ged tha thu dubh
Chan fhaigh fear buidhe d' àite bhuam.
M' eudail air do shùilean donna
'S dorainneach a dh'fhàg thu mi.