Alasdair Mhic Cholla Ghasta
Lyrics:
Alasdair Mhic, o ho
Cholla Ghasta, o ho
As do laimh-s' gun, o ho
Earbainn tapaidh, trom eile.
Sèist
Chall eile bho, chall a ho ro
Chall eile bho, chall a ho ro
Chall eile huraibh i, chall a ho ro
'S haoi o ho trom eile.
As do laimh-s' gun, o ho
Earbainn tapaidh, o ho
Mharbhadh Tighearna, o ho
Ach-nam-Brac leat, trom eile.
'S ged 's beag mi fhèin, o ho
Bhuail mi ploc air, o ho
Chuala mi 'n dè, o ho
Sgeul nach b' ait leam, trom eile.
Chuala mi 'n dè, o ho
Sgeul nach b' ait leam, o ho
Glaschu a bhith, o ho
Dol na lasair, trom eile.
Glaschu a bhith, o ho
Dol na lasair, o ho
'S Obair-Dheathain, o ho
'N dèidh a chreachadh, trom eile.
Dreach eile:
Alasdair Mhic, ò hò,
Cholla ghasta, ò hò,
Às do làimh-sa, ò hò,
Dh'earbainn tapadh, trom èile.
Sèist
Chall èileadh o hì, chall o ho rò,
Chall èileadh o hì, chall o ho rò, rò,
Challa o haora ri, chall o horo,
Haori e o ho, trom eile.
Às do làimh-sa, ò hò,
Dh'earbainn tapadh, ò hò,
Mharbhadh Tighearn', ò hò,
Ach' nam Breac leat, trom èile.
Mharbhadh Tighearn', ò hò,
Ach' nam Breac leat, ò hò,
'S thiodhlaiceadh e, ò hò,
'N oir an lochain, trom èile.
'S thiodhlaiceadh e, ò hò,
'N oir an lochain, ò hò,
'S ged 's beag mi fhìn, ò hò,
Bhuail mi ploc air, trom èile.
'S ged 's beag mi fhìn, ò hò,
Bhuail mi ploc air, ò hò,
'S chuir siud gruaimean, ò hò,
Air Niall a' Chaisteil, trom èile.
'S chuir siud gruaimean, ò hò,
Air Niall a' Chaisteil, ò hò,
'S dh'fhàg e lionn-dubh, ò hò,
Air a mhacaibh, trom èile.