An Gaol a Thug mi Òg
Lyrics:
Sa mhadainn Chèitein nuair tha an driùchd
Cho ciùin air bhàrr an fheòir,
'S na lusan maoth cho maiseach ùr
A' dùsgadh suas nan glòir,
'S a' ghrian a' boillsgeadh air an gnùis
Mar sheudan mùirneach òir,
Tha sin gu tric a' toirt gum smaoin
An gaol a thug mi òg.
Nuair chì mi 'n sprèidh a' ruith 's a' leum
Le aoibhneas air na lòin,
'S a chì mi smeòrach bhinn nan geug
'S a cèile fhèin na còir,
Ag ullachadh a cuachaig fhaoin
Do h-àlach maoth gun treòir,
Tha sin gu tric a' toirt gum smaoin
An gaol a thug mi òg.
Nuair chì mi 'n rìbhinn mhaiseach chiùin
Le rùn gun fhoill gun ghò,
'S a leannan gaoil don tug i ùidh
Le sunnd a' buain nan ròs.
'S a chì mi 'n t-òigear fearail, caomh,
A' seinn ri taobh na h-òigh,
Tha sin gu tric a' toirt gum smaoin
An gaol a thug mi òg.
Nuair chì mi ghrian an àird nan speur
Na maise fhèin gun sgleò,
'S a gnùis a' sgaoileadh gathan sèimh
Air slèibhtean gorm a' cheò;
Ach nuair a dh'èireas neòil no gruaim
A mhùchas uainn a glòir,
Tha sin gu tric a' toirt gum smaoin
An gaol a thug mi òg.
Nuair chì mi sòbhrach mhìn nam bruach
'S a snuadh air dhreach an òir,
Gach doire 's allt a' seinn le buaidh
Is luathghair aig na h-eòin;
Ach nuair a thig an dùdlachd fhuar,
A sheargas tuar gach pòir,
Tha sin gu tric a' toirt gum smaoin
An gaol a thug mi òg.
Faodaidh na lusan èirigh suas
Tha 'n-diugh nan suain fon fhòd,
'S nuair thig an samhradh sèimh mun cuairt
Bidh luathghair aig na h-eòin;
Thig iomadh caochladh oirnn nach saoil,
'S cha bhi iad saor o bhròn,
Tha sin gu tric a' toirt gum smaoin
An gaol a thug mi òg.