Back

A' Chruinneag Ìleach

Lyrics:

Sèist

Och, och mar tha mi 's mi nam aonar,
Is cianail dh'fhàg thu mi 'n dèidh do chòmhraidh,
Mo chreach 's mo dhìobhail nach robh mi 'n Ìle,
'S mo chruinneag rìomhach a' dol a phòsadh.

Anns a' mhadainn an àm dhomh dùsgadh
Shil mo shùilean is dh'fhàs mi brònach,
Mun sgeul a chualas air feadh an t-saoghail
Thu bhith gad ghlaodhaich, a ghaoil, Didòmhnaich.

Nuair bhios càch nan cadal suaimhneach,
Bidh mise smuainteachadh ort an-còmhnaidh,
Mar bhios an eala an dèidh a bualadh;
'S e gaol na gruagaich a rinn mo leònadh.

Tha do shùilean mar na dearcan,
Tha do chneas mar chanach mòintich,
Do dhà ghruaidh cho dearg 's an caorann,
'S do mhala chaol mar ite 'n lòin-duibh.

Thug mi ùidh dhut is chuir mi dùil annad,
Ged nach dùiricheadh tu mo phòsadh;
Thug thu 'n sliabh ort, 's cha b' fhiach leat m' fhaighneachd
'S ri fear gun chaoimhneas gun d' rinn thu còrdadh.