Back

Beinn a' Cheathaich

Lyrics:

Latha dhomh 's mi 'm Beinn a' Cheathaich

Sèist

Air falail o ro ho bhi ho
Hoireann is o hi ri ho ro a bhi
Hi ri ho ro a bha ho hug o ro.

Ruagadh nan caorach 's gam faighinn

'S ann agam fhìn a bha 'n t-aighear

Faicinn do bhàta dol seachad

Steach gu Ciosmuil an aighir

Far am faighte chuirm ri gabhail

'G òl fìon a dh'oidhche gu latha

Nuair bha mi nam nighinn fo lighe mo ghruaige

Cha sìninn mo thaobh geal ri taobh bodaich shuaraich

B' annsa leam agam fear geal nach biodh gruaim air