Bonaparte
Lyrics:
O gu sunndach mi air m' astar,
Falbh gu siùbhlach le bheag airtneul,
Dol a chòmhrag ri Bonaparte,
'S e bha bagairt air Righ Deòrs'.
Sèist
Illean chridheil, bitheamaid sunndach,
Seasaibh onoir ur dùthcha,
Fhad 's a mhaireas luaidh is fùdar,
Dè rud chuireadh cùram oirnn?
Chan eil faillinn ann ra chunntas
Anns na h-armainn nach diùltadh
Chan eil gealtachd nan gnùis-san,
Cha toir iad grunnd do luchd a' bhòsd.
Luchd nan osan geàrr 's nam fèileadh,
Còta sgàrlaid orr' mar èideadh,
Gum bu ghasd' iad an am èirigh -
'S iad nach gèilleadh an dèidh an leòn.
Anns a' Bhruiseal a chaidh innse
Gun robh Frangaich tighinn nam mìltean,
'S cha bhreug bhuam gur h-i an fhìrinn,
'S iomadh fear bhios sìnt' gun deò.
Nam biodh againn, mar bu dual dhuinn,
Lann Chinn-Ìlich air ar gualainn,
Sgoilteamaid an cinn gun cluasan,
Gam bualadh le smuais nan dòrn.