Back

Ceann Taigh Choinnich Dhòmhnaill

Lyrics:

Sèist

Bha m' inntinn raoir, a-nochd 's a-raoir
Is fad na h-oidhche bhò-raoir,
Bha m' inntinn raoir, a-nochd 's a-raoir
Aig ceann taigh Choinnich Dhòmhnaill.
Bha m' inntinn raoir, a-nochd 's a-raoir
Is fad na h-oidhche bhò-raoir,
Bha m' inntinn raoir, a-nochd 's a-raoir
Aig ceann taigh Choinnich Dhòmhnaill.

Ged a sheol mi fada bhuaip
Air long nan crannaibh caola,
Tha mo chridhe an Grabhair
Aig Anna Choinnich Dhomhaill.
Ged a sheol mi fada bhuaip
Air long nan crannaibh caola,
Tha mo chridhe an Grabhair
Aig Anna Choinnich Dhomhaill.

Sìaban na mara
Tha dol seachad air gach taobh dhiom,
Ìomhaigh mo leannain ann
Anna Choinnich Dhòmhnaill.
Sìaban na mara
Tha dol seachad air gach taobh dhiom,
Ìomhaigh mo leannain ann
Anna Choinnich Dhòmhnaill.

Cuid am baile Ghrabhair
Tha 'g ràdh nach eil i deònach,
Thug mi gaol 's cha dhealaich mi
Ri Anna Choinnich Dhòmhnaill.
Cuid am baile Ghrabhair
Tha 'g ràdh nach eil i deònach,
Thug mi gaol 's cha dhealaich mi
Ri Anna Choinnich Dhòmhnaill.