Back

Ceòl is Cleas

Lyrics:

Tha feist a' falbh, tha feist a' falbh,
Tha feist a' falbh gu h-aighearach,
Tha feist a' falbh, tha feist a' falbh,
Bidh deis aig Dòmhnall a-màireach tràth.

Bidh aodach ùr is deise ùr,
Bidh aodach ùr a-màireach tràth,
Bidh deise ùr is aodach ùr,
Bidh deis aig Dòmhnall a-màireach tràth

Sèist

A fhleasgaich ùir, leanainn thu
Fhìr a' chùil bhòidhich,
A fhleasgaich ùir, leanainn thu.

'S mi gun rachadh ad choinneamh
Air mo bhonnaibh gun bhrògan.

Air bonnaibh mo chasan
Ged bhiodh clachan gan stròiceadh.

Dhiùlt am bodach fodar dhomh,
'S gun dhiùlt am bodach feur dhomh,
Dhiùlt am bodach fodar dhomh,
A chuirinn fo mo chliathaich.
Dhiùlt am bodach fodar dhomh,
'S gun dhiùlt am bodach feur dhomh,
Dhiùlt am bodach fodar dhomh,
A chuirinn fo mo chliathaich.

Geala bhodaich sa bheinn duibh,
Geala bhodaich as a' bheinn,
Geala bhodaich sa bheinn duibh,
Bodaich dhubha bha sa bheinn.
Geala bhodaich sa bheinn duibh,
Geala bhodaich as a' bheinn,
Geala bhodaich sa bheinn duibh,
Bodaich dhubha bha sa bheinn.

Bodaich dhubha, dhubha, dhubha,
Bodaich dhubha bha sa bheinn,
Bodaich dhubha, dhubha, dhubha,
Bodaich dhubha bha sa bheinn.
Bodaich dhubha, dhubha, dhubha,
Bodaich dhubha bha sa bheinn,
Geala bhodaich sa bheinn odhair,
Bodaich dhubha bha sa bheinn.