Coileach Peigi
Lyrics:
Sèist
E horò fàth mo liondubh,
Fàth mo liondubh mar tha mì,
'S bochd leam a nochd, 's goirt leam a nochd,
'S bochd leam a nochd mar tha mì;
Fàth mo chruadail cruaidh ri aithris,
Gum bidh 'n coileach agam sgìth,
Chuala mi gun deach a leagail
'S coileach Peigi ris a' strìth.
Siud far an robh 'n naidheachd aoibhneach
Thogadh fonn orm 's mi sgìth,
Mun oifigeach aig a' bhanntraich
Gun do chaill e anns an t-srìth;
Thàinig e a thoirt dùbhlain
Chun an dùnain agam fhìn,
Sheas mo choileach beag gu duineil,
'S cuiream urram air a chaoidh.
Nuair a thòisich iad ri batal
Dh' fhàg a' phlapartaich mi tinn,
'S iad coltach ri dithis ghaisgeach
Bhiodh ag eathgarsaich a' ring ;
Coileach Peigi 's e na shiubhal
'G iarraidh cumhachan sìth
Nuair a chunnaic e chuid itean
Falbh na milteagan 's a' ghaoith.
Chì mi null 's a nall na gillean
Le 'n cuid gliogadaich gun bhrìgh,
Faodaidh geàrrd bhi air am brollach
'S e bhi fosgailt' aig na cinn;
Faodaidh uaireadair bhi cosgail
Agus dosgainn bhi na luib
'S e bhi eòlach air a' phosda
Falbh a dh'ospadal Phortrìgh.
Chan eil Gearmailteach no Frangach
Thàinig riamh a nall dhan tìr,
Dheanadh uaireadair le dial
Nach tig call orra ri tìd;
Saoilidh mi nach eil e furasd
Bhi gan cumail ris an tìm,
Ach 's ann tha'n cleoc nach caill a' mhionaid
Air a'spiris agam fhìn.
Chaidh mi laighe mu naoidh uairean,
'N dùil gun gluaisean ann an tìm,
'mas cuireadh an coileach cuairt
Gum bithinn suas aig Meall a' Ghnìob;
'S ann a dhùisgear mi le uamhas
Leis an fhuaim a bh'aig a'ghaoith,
Toirt an tughaidh far nan cruachan'
'S iad air thuar a dhol a dhìth.
Cuiream urram agus onair
Air a' chloc neach caill an tìm,
Ghearras mo chadal 's mo bhruadar
A cheart cho luath 's a ni e bìog,
Eiridh mi gu luath air m' uilinn,
Ged tha 'n druinnein agam sgìth,
Chan eil lethsgeul agam fuireach
'S tìde Lunnainn os mo chinn.