Back
Gaol nam Fear Dubh
Lyrics:
Sèist
Gaol nam fear dubh, grinn, grinn,
Luaidh nam fear dubh, grinn, gasta,
Gaol nam fear dubh, grinn, grinn.
Chunna mi air Fèill Phort Rìgh thu,
'S bàilleagan air mìle fear thu.
Èileadh ort de bhreacan uaine,
'S leams' as bòidhche bhi gad fhaicinn.
Tha thu measail aig do chàirdean,
Guala làidir 's fheàirrd iad ac' thu.
Bheil fios gu dè a chùm a-raoir thu
'S nach robh 'n oidhche fuar no frasach.
Shaoileam nach cumadh am muir làn thu
'S gun am mìle slàn san astar.
Chì mi 'n fhàrdach 'n-diugh gun cheò dhi,
'S leams is brònach bhi ga fhaicinn.