Back
Oich U is Hiùraibh Èile
Lyrics:
Sèist
Oich ù agus hiùraibh èile
Oich ù agus hiùraibh èile
Hiùraibh ò agus hò ro èile
Mo chruinneag dhonn gura trom ad dhèidh mi.
Càite bheil i ann an Albainn
Cruinneag bhòidheach is gile calpa?
Slios mar fhaoilinn air aodann fairge,
'S gur h-e do throm-ghaol a rinn mo mharbhadh.
Nuair a thèid mi chun na fèille
Bidh mo shùil air a' chruinneig ghlè-ghil,
Is binne Gàidhlig 's is deise Beurla,
'S bidh sàiltean àrd air a brògan aotrom.
Tha do shùilean mar na smeuran,
No mar dhearcagan donn an t-slèibhe
Dubh is donn ann am measg a chèile,
'S gu bheil ceann dubh air mo chruinneig glè-ghil.