Back

Salm 102

Lyrics:

Rim ùrnaigh èisd, Iehòbhah Rìgh;
is ruigeadh ort mo ghlaodh.
Na falaich uam do ghnùis san là
thig trioblaid orm gach taobh:

San là an gairm mi ort gu geur,
crom thugam fhèin do chluas;
Is freagair mi gu deifireach,
a' furtachd air mo chruas.

Do bhrìgh gu bheil mo làith' mar cheò
a' teireachdainn a-ghnàth;
Mar lic an teinntein 's amhlaidh sin
mo chnàmhan loisgte tha.

Trom-bhuailte tha mo chridhe bochd,
is shearg e mar am feur;
Ionnas nach cuimhne leam gu beachd
grèim arain chur am bheul.

Le guth mo chaoidh, mo chnàmhan lean
rim chraiceann fhèin gu teann:
Mar phelican an fhàsaich mi,
's mar chaillich-oidhch' nam beann.