Back
Salm 132
Lyrics:
Air Daibhidh dèan-sa cuimhne, Dhè,
's air 'uile àmhghar geur:
Mar thug e mionn' do Dhia, is bòid
do Dhia ud Iàcoib treun,
Aig stòl a choise sleuchdaidh sinn,
an àros Dhè nam feart.
Èirich, a Dhè, gud ionad tàimh;
thu fhèin is àirc do neirt.
Sgeadaicht' gu robh do shagairt-sa
a-ghnàth le ionracas;
Is dèanadh do luchd-muinntir naomh
gun tàmh ùr-ghàirdeachas.
Air sgàth do sheirbhiseach ro-chaomh,
Daibhidh don tug thu buaidh,
Aghaidh an tì a dh'ungadh leat,
na cuir air ais gu truagh.