Back
Salm 31
Lyrics:
Asadsa, Dhè, nì mise bun;
nàir' orm na leig am feasd:
Dèan fuasgladh dhomh ad ionracas,
o thrioblaid is o cheist.
Do chluas am ionnsaigh crom a-nuas,
is furtaich orm gu dian:
Ad charraig dhaingeann bi-sa dhomh,
taigh-tèarmainn chum mo dhìon.
Oir 's tu as carraig dhìleas dhomh
's mo dhaingneach làidir treun,
Is uime sin, sgàth d' ainme, Dhè,
treòraich, is stiùir mo cheum.
Saor as an rib a dh'fhalaich iad
buin mise mach, a Dhè:
Airson gur tus' an tì a-mhàin
as neart, 's as treòir dhomh fhèin.
Ad làimh-sa mhàin, a Dhia nan dùl,
mo spiorad tiomnam suas:
A Dhia na fìrinn, is mo Thriath,
's tu dh'fhuasgail air mo chruas.
Is fuath leam iad a bheir fa-near
na breugan dìomhaineach:
Ach dòchas ann an Dia nan gràs
chuir mi gu muinghinneach.