Back

Salm 46

Lyrics:

Na h-uisgeachan le beucaich bhuirb,
ged rachadh thar a chèil':
Len ataireachd ged bhiodh air chrith
na beanntan àrd' gu lèir.

Tha abhainn ann, le 'sruthan sèimh,
nì cathair Dhè ro-ait;
Fìor àite naomh an tì as àird',
am bheil sìor-chòmhnaidh aig.

Tha Dia na meadhon innte staigh;
mar sin cha ghluaisear i;
Oir cuideachadh is còmhnadh leath'
's e Dia gu moch a nì.

Do ghabh na cinnich boil', is ghluais
na rìoghachdan gu cas:
Air cur do Dhia a ghuth a-mach,
do leagh an talamh as.

Tha Dia nan sluagh leinn fhèin a-ghnàth;
Dia Iàcoib 's tèarmann dhuinn.
Thigibh, is faicibh oibrean Dhè,
gach sgrios air talamh rinn.