Back

Tha Sneachd air Druim Uachdair

Lyrics:

S gann nach gabhainn an t-eagal
Ro aon mhac breabadair beò
Mharbhainn feòil dhut is sitheann
Latha nach figheadh an clò.

Mharbhainn feòil dhuit is sitheann
Latha nach figheadh an clò
Bheirinn fèidh thar na monaidh
'S bheirinn bric às na lòin.

Bheirinn fèidh thar na monaidh
'S bheirinn bric as na lòin
Leis an t-sneachd bhiodh air m' fheusaig
'S gann gu lèir dhomh mo bhròg.

Leis an t-sneachd bhiodh air m' fheusaig
'S gann gu lèir dhomh mo bhròg
'S gann gu lèir dhomh nas fhaisg orm
Na lorg a' bhat' tha nam dhòrn.

'S gann gu lèir dhomh nas fhaisg orm
Na lorg a' bhat' tha nam dhòrn
Tha sneachd air Druim Uachdair
Far 'n robh mi cualach nam bò.

Tha sneachd air Druim Uachdair
Far 'n robh mi cualach nam bò
'S ann do nighean fear Donnchaidh
A thug mi 'n tromaghaol 's mi òg.