Back

Thoir Mo Shoraidh Thar An t-Sàile

Lyrics:

Sèist

Thoir mo shoraidh thar an t-sàile,
Null gu tìr nam beanntan àrda,
Far an d' fhuair mi greis dhem àrach
Air an àirigh anns na glinn.

Far am biodh an ceòl 's am mànran
Aig an òigridh chridheil, chàirdeil,
Far am biodh na h-òrain Ghàidhlig
Nuair a bhiodh na h-àrmainn cruinn.

Far am biodh na h-òighean guanach,
'S fhad a chluinnte fuaim an duanaig,
Dol len cuman is lem buaraich
Mach gu buailidh a' chruidh-laoigh.

Far am biodh na mnathan bàidheil
Bheireadh biadh is deoch dhan ànrach
Agus bodaich chòire làidir
Nach biodh fàillinneach no tinn.

Far am biodh na stùcan ceòthach,
Far am faighear fraoch sa mhòintich,
Far an cluinnear guth na smeòraich,
Agus crònan aig na h-uillt.

Bidh ar glinn 's ar srathan còmhnard
Air an àiteach 's air an còmhdach,
'S bidh na Gàidheil mar bu chòir dhaibh
Gabhail còmhnaidh anns an tìr.