M' Ionndrainn Air Chuairt
Lyrics:
Thug mi cuairt air làithean samhraidh
don an àite san robh mi òg
far bheil daoine tha dhomh càirdeach
air an taobh siar do dh'Eilean Leòdhais.
Tha na bruaichean is na leòidean,
na caoraich riaraichte measg an fheòir
dh'fhalbh an àm bha iad cho lìonmhor
ris na reultan th' anns na neòil.
Loch na Craoibhe far robh an àirigh
cur sruth don allt tha ruith le fonn
's e stiùireadh chùrs' tro mhòinteach 's àiteach
gu ruig e an tràigh aig cuan nan tonn.
Sgap mo linn-s' air feadh an t-saoghail
cuid a dh'fhalbh à sealladh sùil
nan cadal buan às nach eil dùsgadh
tha briseadh cridhe aig luchd an gaol.
'S lìonmhor dachaigh tha nis falamh
sluagh bha annt' chan eil an-diugh beò
nuair a dh'fhalbh iad dhùin na dorsan
gun blàths teine annta no ceò.
Nam biodh agamsa beagan beairteas
's mòr gum b' fheàrr leam bhith gach àm
am measg a' chomann a bheir làmh dhut
ged bhiodh dealach buileach trom.