’S Ged a Thug an t-Uisge-beatha Sin Mo Char Asam A-Raoir
Lyrics:
Ged thug an t-uisge-beatha sin mo char asam a-raoir
Cha dèan e a-nochd no 'n ath-oidhch' e, bidh a h-uile dad nam chuimhn'
'S duilghe leam mar tha mi 'n-diugh 's mi a' gearain cràdh mo chinn
Gun bhiadh gun deoch a chòrdas rium, ged dh'òl mi cupa tì.
Dh'òl mi siud a dh'aindeoin 's cha do ghabh mi aona ghrèim
An rud a bhios gu tachairt, gu dè math a bhith air a bruidhinn
Ghabh mi 'n daorach dhamainte thug asam pàirt dhe m' shùim,
'S bha h-uile duine ag ràdh nach eil annams' ach a' ghlaoic.
Tha mi fhìn ag aithneachadh gun deach mi fada ceàrr
Ag òl an uisge-bheatha sin 's gun stamag agam dha
Ged a gheibhinn glainne dheth, 's e bu mhath leam ach a dhà
'S tha h-uile rud a th' ann an deas mo cheann a chur cho ceàrr.
'S nuair dh'èirich mi sa mhadainn, cha robh cadal ann no tàmh
Bha grèim nam cheann 's nam chasan, 's cha b' e 'n stamag dad a b' fheàrr
Bha mi anns na [???], ged 's dona a bhith ga ràdh
'S bròg na coise deise rinn mi tharraing mu m' chois cheàrr.
'S tha mi air mo nàrachadh, ged 's dàn' dhomh bhith ga inns'
'S mi a-nochd cho bochd 's as àbhaist dhomh 's chan fhaigh mi làn a' phinnt
'S tric mi dèanamh phlànaichean air dhòigh no dhà no trì
'S e dh'fhàgadh socair, saidhbhir mi, taigh-seinnse beag dhomh fhìn.