Ailein Duinn Nach Till Thu ’n Taobh-sa
Lyrics:
Ailein Duinn à Cille Mhoire
'S ann ort tha coltas an diùnlaich.
Ailein Duinn nach till thu 'n taobh sa
Ò ho hi ri hil u o
Ailein Duinn nach till thu 'n taobh sa
Ailein Duinn a' bhroillich bhòidhich
'S mìlse leam do phòg na siùcar.
Ailein Duinn...
Ailein Duinn a' bhroillich shoilleir
Shiùbhlainn coille 's doire dlùth leat.
Ailein Duinn...
'S fhaide leam na dìol do phearsa
Do chur a bhroclach an dùine.
Ailein Duinn...
Cuide ris na sionnaich òga
Dhèanadh an t-òl anns na cùiltean.
Ailein Duinn...
'S truagh nach robh mi san taigh-òsta
'N àm nan dòrn a bhith gan dùnadh.
Ailein Duinn...
Leagainn còigear, leagainn seisear
Leagainn deinear 's e bu mhotha dhiubh.
Ailein Duinn...
Chuirinn Clann 'icIlleMhàrtainn
Anns na càrnaibh mar bu dùthchas.
Ailein Duinn nach till thu 'n taobh sa
Ò ho hi ri hil u o,
Ailein Duinn nach till thu 'n taobh sa.