Back

Bheir a-null Dhuinn am Botal

Òran do Mhac Alasdair Ghlinne Garadh

Lyrics:

Thoir a-nall dhuinn am botal
Cur an deoch sin mun cuairt
Lìon barrach an copan
Cùm socrach a' chuach
Tosta còirneal na fèile
Leis an èireadh gach buaidh
Oighre Chnòideart a' bharraich
'S Ghleann Garaidh bho thuath.

Cò bheireadh dhut riobadh
Nuair a thig na bheil bhuat
Iarl' Antrim Èireann
Leis an èireadh na sluagh
Mac 'ic Ailein nan geur-lann
Dhèanadh euchd air a' chuan
Aig a bheil na fir ghleusta
Dol a reubadh nan stuadh.

Bheir a-nall dhuinn am botal...

Cò bheireadh dhut riobadh
Nuair a thig na bheil bhuat
Iarl' Antrim Èireann
Leis an èireadh na sluagh
Mac 'ic Ailein nan geur-lann
Dhèanadh euchd air a' chuan
Aig a bheil na fir ghleusta
Dol a reubadh nan stuadh.

Bheir a-null dhuinn am botal...

Tha fir chalma ro-ghasta
Nad fhearannaibh fèin
Eadar Cnòideart 's Gleann Garaidh
Thèid barraicht' air ghleus
Nach cuir an cùl ris na nàimhdean
Tha 'n ceannard da rèir
Cha ghabhadh tu ceannsaicht'
Le Granndaich Srath Spè.

Bheir a-null dhuinn am botal...