Back

Bidh an Deoch Seo ’n Làimh mo Rùin

Lyrics:

Bidh an deoch sa 'n làimh mo rùin
Deoch-slàinte le Fear an Tùir
Bidh an deoch sa 'n làimh mo rùin.

Òladh no na òladh càch e
Bidh mo phàirt air ceann a' bhùird.

Bidh an deoch sa...

Bidh an deoch sa 'n làimh mo chridhe
'S a-rithist air làimh mo rùin.

Bidh an deoch sa...

'S ged a tha mi an seo an Cola
B' e mo thoil a dhol do Rùm.

Bidh an deoch sa...

Agus às a siud a dh'Uibhist
Nam faighinn mo ghuidhe leam.

Bidh an deoch sa...

Chunnas a' tighinn air stoirm an fhairge
'S coltach làimh dhearg air an stiùir.

Bidh an deoch sa...

'S mura b' e gur tu mo bhràthair
'S mi nach àicheadh idir thu.

Bidh an deoch sa...