Chan Òl Mi Fhìn Deur Tuilleadh Dheth
Lyrics:
S chan òl mi fhìn deur tuilleadh dheth
'S chan òl mi fhìn deur tuilleadh dheth
'S chan òl mi làn 's chan òl mi dhà
Gu bràth an dèis an turais seo
'S chan òl mi fhìn deur tuilleadh dheth.
Sa mhadainn 's mi air m' uilinn ann
'S mi a' smaointinn air a h-uile rud
'S gun facal a' tighinn às mo bheul
'S mi ag èisteachd ris na chluinninn-sa.
'S chan òl mi fhìn deur tuilleadh dheth...
'S dh'fhalbh mi gu dol dhachaigh
'S bha mi a-null 's a-nall sa bhacadaich
'S gum b' fhèarr dhomh nach do bhlais mi riamh i
'S gun tug ceud an aire dhomh.
'S chan òl mi fhèin deur tuilleadh dheth...
'S gur h-iomadh daorach chunnartach
A ghabh mi fhìn bhon turas seo
'S ged bhiodh iad colt' an ceann a chèile
Bheat an tè seo buileach iad.
Chan òl mi fhìn deur tuilleadh dheth...
'S bidh mise tric a' mionnachadh
Nach òl mi fhìn deur tuilleadh dheth
'S am fear tha [???] 's fear eile deur
Cha tèid nam bheul tuilleadh dheth.
Chan òl mi fhìn deur tuilleadh dheth...