Back
Chan Òl Mise Tuilleadh
Lyrics:
Chan òl mise tuilleadh, deur tuilleadh, deur tuilleadh,
Chan òl mise tuilleadh, deur tuilleadh dhen dràm;
Chan òl mi idir tuilleadh, cha dèan mi nist fuireach,
'S mi cinnteach gun cuireadh e 'n dunaigh nam cheann.
'N àm èirigh sa mhadainn cha bhi mi ach glagach,
A' bhriogais mu m' chasan 's mi tarraing a-nall,
Mo lèine na stròicean 's cha dèan i mo chòmhdach,
'S e glaodhaich nan stòp dh'fhàg mo phòca cho gann.
Chan òl mise tuilleadh...
Gura mis' tha fo èislean sa mhadainn ag èirigh,
An driùchd air mo lèinidh 's mi èislinneach fann;
Mi 'g èigheach 's a' tuiream 's ag èirigh air m' uilinn,
Nach òl mise tuilleadh, deur tuilleadh dhen dràm.
Chan òl mise tuilleadh...