Back

Clann Dòmhnaill an Cogadh Rìgh Teàrlach

Lyrics:

Tha mo rùn-sa air Clann Dòmhnaill
Dream ògalachd euchdach.

'S na horò hì hòireannan
Hòro chall eileadh
'S na horò hì hòireannan.

Clann Dòmhnaill a' chruadail
Nach biodh suarach mu chèile

'S na horò...

Luchd nan calpannan troma
Cùl dubh nan ceum eutrom.

'S na horò...

'S iad a dh'fhuirich san Dòmhnaich
Air Clann Dòmhnaill na fèile.

'S na horò...

Luchd nam biodagan dubha
Fo chriosan an fhèilidh.

'S na horò...

Luchd nan còtaichean sgàrlaid
Chite deàrrsadh latha grèine.

'S na horò...

Thug sibh mionnan agus mionnan
Thug sibh mionnan da chèile.

'S na horò...

Thug sibh mionnan a' Bhìobaill
Air srath ìseal Allt Èirinn.

'S na horò...

Nach deigheadh claidheamh san truaill
Gus an crùinte le Rìgh Seurlas.

'S na horò...