Deoch-slàinte Theàrlaich
Lyrics:
S gun òlainn slàinte Theàrlaich
Ged leònadh i gu bàs mi
A chionn gum faicinn e le ghaisgich
Tighinn air ais gu àite
'S gun òlainn slàinte Theàrlaich.
An litir ghluais mo dhòchas
A dh'fhiosraich mi Didòmhnaich
Gun tug sibh bristeadh air luchd-chasag
Dh'fhàg sibh lag gun treòir iad.
Gun òlainn slàinte Theàrlaich...
Clann Dhòmhnaill chruaidh nam fraoch-bheann
A choisinn buaidh sa chaonnaig
Gur fada chluinnte fuaim ur cruadhach
Tighinn tro thruaillean caola.
Gun òlainn slàinte Theàrlaich...
Nuair thèid an crùn air Seàrlas
Bidh smùid air coinnlean cèire
Bidh lasair ait air bàrr gach caisteal
'S pìob gu bras ga h-èibheach.
'S gun òlainn slàinte Theàrlaich
Ged leònadh i gu bàs mi
A chionn gum faicinn e le ghaisgich
Tighinn air ais gu àite
'S gun òlainn slàinte Theàrlaich.